![]() |
East of Scotland Tartan Army Arm a' Bhreacain Alba an Ear |
![]() |
||
| Cairdeas Leann Is Ball-Coise | ||||
|
Information about the East of Scotland Tartan
Army
The East of Scotland Tartan Army
was formed on 21st January 2000. |
Fiosrachadh mu Arm a' Bhreacain Alba an Ear Chaidh Arm a' Bhreacain Alba an Ear a thoirt ri chèile air 21mh Faoilleach, 2000. Ceann-ùidhe: Tha EASTA ag amas air taic a chumail ri Sgioba Nàiseanta Ball-coise na h-Alba, ge be càite a bhios iad a' cluich, agus a thilleadh dhachaidh leis an ìre mhath an aon àireamh de dhaoine a dh` fhalbh nar cois an toiseach! Thèid fàilte a chur air daoine –à sgìre-tionail Dhùn Dè/Aonghais/Fìobha a Tuath – a bhios, no nach bi, a` gabhail a ghnàth ann an Arm a` Bhreacain, aig a bheil ùidh ann an càirdeas a chumail san fhairsaingeachd, agus ann an cuairtean a thèid a chur air dòigh gu gèamaichean, aig agus air falbh bhon taigh. Tha c ìs 10 not ri phàigheadh sa chiad dol a-mach, `s gheibh thu l è ine-T, cairt-bhallrachd agus litir-naidheachd chunbhalach. Bidh 5 not ri phàigheadh bhon uair sin gach mìos. Thèid an t-airgead seo a chur ri maoinean a` chlub airson busaichean a` ruith an-asgaidh gu maidsichean aig an taigh agus gus cuideachadh le tachartasan sòisealta corra uair. Bidh fàilte daonnan air muinntir Arm a` Bhreacain, bho thaobh a-muigh an sgìre-tionail, gnothach a ghabhail ann an tachartasan a` Chlub.
Eadar-theangachadh le Steaphan MacRisnidh
|
| Home About News Diary Gallery Trips Merchandise Contact Links Email |